Sunday, November 14, 2010

Mo Dhachaigh

Tha e gu math inntineach a bhith a’ faicinn an diofar eadar an dà chànan Gàidhlig agus Gaeilge. Ann an Gàidhlig tha sinn ag ràdh ‘b’ chòir dhomh’, ach ann an Gaeilge tha iad ag ràdh ruideagan coltach ri ‘b’ cheart dhomh’, tha sin gu math furasda a’ chumail nam inntinn, air sàilleabh gu bheil an aon ciall ann. Ach aon rud a tha doirbh dhomh, 's e sin nach eil am facal dachaigh aca idir. Tha iad ag ràdh am facal ‘baile’ airson dachaigh, ‘tha mi a’ dol a’ bhaile a-nis.’ Chan eil mi builleach cinnteach mur ann facal Corca Dhuibhne no facal cumanta a th’ ann am ‘baile’ ach chan eil sgeul air mo dhachaigh an seo.

No comments:

Post a Comment